Dachaigh
Tha sinn an-dràsta ag obair air dreach ùr den làrach seo dha Iomairt Ghàidhlig Ìle is Dhiùra. San eadar-àm cuiribh fios thugainn air lynn@ile-diura.org no 01496 810818.

Fàilte do dh'Iomairt Ghàidhlig Ìle 's Dhìura, buidheann ùr airson fàs a thoirt air Gàidhlig san dà eilean. Tha dà amas air an Iomairt:
- Fàs a thoirt air àireamhan luchd-làbhairt
- Cothroman a chruthachadh gus Gàidhlig a chleachdadh
Aig an dàrna ìre bidh an Iomairt a' comharrachadh phrìomhachasan airson leasachadh. Gu h-àbhaisteach 's iad cuspairean mar foghlam Gàidhlig, òigridh, mothachadh 's eile. An dràsta tha Iomairt Ghàidhlig Ìle 's Dhiùra a' cumail co-chomhairle air priomhachasan leasachaidh an dà Eilean.
Ann an ùine nach bidh fada, aig an treas ìre thèid plana-obrach a chur an gnìomh mu choinneimh nam prìomhachasan 's e a' freagairt air na rudan a bheireas fàs air a' Ghàidhlig ann an Ìle 's Diùra.
Thèid co-dhùnaidhean a ghabhail le Buidheann-Stiùiridh na h-Iomairt agus 's Co-Roinn Ghàidhlig Ìle, Dhìura 's Cholbhasa a bhios ann gus an tèid structar eile a chur air dòigh.


